A' Chompanaidh
Chaidh Sealladh a stèidheachadh le Mòrag Stiùbhart, Chris Young agus Young Films agus tha an companaidh a-nis suidhichte ann am Fàs, ionad cultarail 's cruthachail an t-Sabhail Mhòir san Eilean Sgitheanach. Mar thoradh, tha Sealladh a' faighinn cothrom goireasan an ionaid - a tha a' toirt a-staigh stiùideo 's siostam gearraidh ùir, adhartach - a chleachdadh agus ceanglaichean làidir a dhèanamh le muinntir na colaiste. |
Stiùirichean
![]() | Tha Mòrag Stiùbhart air 30 bliadhna a chur seachad ann an saoghal craobh-sgaoilidh na Gàidhlig, a' coileanadh caochladh obraichean eadar rannsachadh, sgrìobhadh, riochdachadh 's preseantadh. Bha Mòrag an sàs ann an ioma prògram a thoirt gu buil, nam measg Dòtaman 's Mire Mara a bha uabhasach fhèin soirbheachail. Na neach-trèanaidh, tha Mòrag air a bhith a' teagasg aig SMO, air cùrsa-ceum Na Meadhanan Gàidhlig agus dha Teisteanas PG an Urras Telebhisean. Cuideachd, mar stiùiriche Urras Craolaidh na h-Òige, tha i air iomadach iomairt a chur air n-adhart a coimhead ri Gàidheal òg a thrèanadh ann an sgilean craolaidh. |
![]() | Tha Chris Young am measg nan riochdairean as eòlaiche ann an Alba. Leis a' chompanaidh riochdachaidh aige, Young Films, tha e air 6 filmichean a leasachadh 's a riochdachadh (Venus Peter, Prague, Gregory's Two Girls, The Final Curtain, Festival, Seachd) a tha air duaisean a chosnadh 's a tha air a bhith air an sealltainn air feadh an t-saoghail. Tha Chris air dràmas-shingilte a riochdachadh dha UK TV. Riochdaich Chris comadaidh fìor shoirbheachail, The Inbetweeners dha E4/Channel 4, agus ann an 2011, riochdaich e The Inbetweeners Movie, am fiolm comadaidh Bhreatannach as soirbheachail ann an eachdraidh taigh-dheilbh. |

