ENGLISH

 Uaigneas                                                                                                                                                      

Tha Uaigneas a’ sgrùdadh an t-àite a tha aig boireannaich ann an àm deuchainn no trioblaid teaghlaich, agus a’ toirt tuigse dhrùidhteach air an dòigh anns a bheil iad a làimhseachadh an t-suidheachaidh.

Ann an cunntas fhosgailte, phearsanta tha Nannie Kearney à Barraigh agus Gina NicDhòmhnaill à Uibhist ag ìnnse mar a dhèilig iad le companach a fulang le Alzheimers, tha Mòrag NicAoidh à Slèite a’ mìneachadh eagail an teaghlach ri lìnn tinneas a dh’fhaodadh aon den chloinn a thoirt bhuapa, agus tha Anna Mhàrtainn ag ìnnse mar a fhuair I thairis air bàs a ghille bhig aice goirid as dèidh dha bhith air a bhreith.

Riochdaire: Mòrag Stiùbhart, Sealladh


 Na Prògraman                                                                                                                                              
   

 

Anns a' chiad phrògam tha Nanny Kearney à Barraigh ag ìnnse mar a chùm i taic ri 'teaghlach fhèin ri lìnn Alzheimers agus aillse.


Anns an dàrna phrògram, tha Mòrag NicAoigha' bruidhinn mar a dhèilig i leis ri lìnn tinneas a dh'fhaodadh am mac òg a thoirt  bhuapa.

 
Anns an treas prògram tha Gina Dhòmhnullach à Ùibhist a Tuath ag ìnnse mar a chuir i h-aghaidh ri suideachadh anns an robh Alzheimers air a cèile 's gun e ach beagan is dà fhicead bliadhna a dh'aois  aois cho òg.

 

Anns a' phrògram mu dheireadh tha Anna Mhàrtainn, ag ìnnse mar a fhuair i thairis air bàs a ghille bhig aice goirid as dèidh dha bhith air ùr-bhreith.