Tha Sealladh, companaidh neo-eisimeileach stèidhichte anns an Eilean Sgitheanach còmhla ri sgoilearan à Àrd-sgoil Phort Rìgh agus Àrd-sgoil Sheumais Gilleasbuig ann an Dùn ÈIideann air obair "Air Iomlaid" a tharraing ri chèile ann an dà phrògram aithriseach goirid. Ghabh an òighridh pàirt ann am bùithean-obrach air an stiùireadh le Sealladh anns an dà àite, agus chuidich neach-deasachaidh an òigridh gus dà shealladh eadar-dhealaichte mun phròiseict a riochdachadh anns na prògraman aithriseach aca. Thug Sealladh an dà sgioba còmhla ann an Dùn Èideann aig àm fosgladh an taisbeanaidh aig "Air Iomlaid" airson pìos naidheachd a chur ri chèile mu dheidhinn.
Tha "Iomlaid Eile" air taic airgid fhaotainn bho Roinn na Gàidhealtachd, Bòrd na Gàidhlig agus Ionnsachadh & Teagasg Alba.
|