Gleusta

Tha Gleusta air ais le sreath ùr, sgiobaidhean ùr agus dùbhlain ùr. Gach seachdain bidh dà sgioba, le dithis òga agus aoigh, a’ spàirn an aghaidh a chèile thairis air còig cuairtean de dhùbhlain, airson cliù agus cuach a chosnadh. Air a stiùireadh le Mìcheal Hines agus air a riochdachadh airson Sealladh le Mòrag Stiùbhart An t-seachdain seo, bidh sgiobaidhean bho Bun-sgoil Croise na Cìse agus Bun-sgoil Bhaile a' Mhanaich a strì an aghaidh a chèile. Air aoigheachd aca bidh Dougie Beck agus Catriona Lexy Chaimbeul, agus a’ cumail rian air a h-uile càil, bi Liz Pyper agus Steven MacÌomhair. An t-seachdain-sa bidh Gleusta air BBC Alba air Diardaoin 23mh den Gearran aig 5.30f, agus gheibh sibh cothrom am prògram fhaicinn a-rithist air Disathairne 25mh aig 4.25f agus Dìmairt 28mh aig 5.30f. |
Brùth air dealbh airson slideshow Gleusta a thòiseachadh!