ENGLISH

  Naidheachdan                                                                                                                                             

 Gleusta 2

Tha Gleusta air ais le sreath ùr, sgiobaidhean ùr agus dùbhlain ùr.  Gach seachdain bidh dà sgioba, le dithis òga agus aoigh, a’ spàirn an aghaidh a chèile thairis air còig cuairtean de dhùbhlain, airson cliù agus cuach a chosnadh.

Thèid am prògram a chraolaidh air BBC Alba air Diardaoin aig 5.30f, Disathairne aig 5f agus Dìmairt aig 5.30f.

AN SGÀILEAN ÙR AIG FÈIS NAM MEADHANAN CEILTEACH

Thàinig pròiseict “An Sgàilean Ùr”, a tha Mòrag Stìubhart agus Sealladh air a bhith a’ ruith o chionn cheithir bliadhna, gu crìoch shoirbheachail aig Fèis nam Meadhanan Ceilteach na bliadhna-sa ann an Steòrnabhagh.  Bha trì sgoiltean air an riochdachadh anns a bhuidheann a rinn taisbeanadh de fhiolmaichean goirid aig aon de phrìomh Fhèisean a ghnìomachais. 

B’iad Allannah Pheutan is Kirstin NicDhùghaill à Ard-sgoil Phort Rìgh, Artair Brook-Young à Bun-sgoil Shlèite agus Sophie NicRisnidh is Mairead Morgan bho Bhun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis a thadhail air an Fhèis, a rinn òraidean mu na fiolmaichean aca agus a fhreagair ceistean bho na bha làthair.  A-measg an fheadhainn a sgrùd an òigridh mun obair aca, bha Dòmhnall Iain MacIlledhuinn bhon BhBC, Ailean MacAoidh bho Thasglann Sgàilean na h-Alba agus Brian OhEadhra bho Bhòrd na Gàidhlig.  An-làthair air an latha cuideachd, bha Proinsias Nì Ghràinne bho Sianail Na Gaeilge ann an Èirinn, a dh’iarr leth-bhreac de na fiolmaichean agus i an làn dùil gun rachadh an craoladh air TG4.

Fhuair a’ phròiseict gu lèir taic is maoineachadh bho Bhòrd na Gàidhlig, Comhairle na Gàidhealtachd, MG Alba agus Sealladh.

Tha Sealladh an dòchas na fiolmaichean a thaisbeanadh ann an Inbhir Nis agus san Eilean Sgitheanach ro dheireadh bliadhna na sgoile. Cumaibh sùil a-mach air an son.


Gleusta

Bidh òigridh bhon sgoiltean timcheall Alba, le taic bho aoighean s

ònraichte

, a’ strì airson duais Gleusta thairis air na seachdainean a tha roimhinn.  Thèid am prògram a chraolaidh air BBC Alba air Diciadain aig 6.30f agus Disathairne aig 4.55f.  Thèid am prògram a chraoladh a-rithist air BBC 2 aig 7f.     



Fèis nam Meadhanan Ceilteach

Tha Sealladh toilichte agus moiteil gu bheil am prògram rèidio “Uaigneas” air geàrr-liosta Fèis nam Meadhanan Ceilteach 2011.

Chaidh am prògram a riochdachadh le Mòrag Stiùbhart agus a chraoladh air BBC Radio nan Gàidheal air 25 Faoilleach.

Thèid an Fhèis air adhart ann an Steòrnabhagh eadar 13 agus 15 Giblein 2011.