Tha Croitear Ag Iarraidh Bean

Oraid aig Rebecca NicDhòmhnaill à Àrd-Sgoil Phort Rìgh:

Is mise Rebecca NicDhòmhnaill agus tha mi 15 bliadhna dh’aois. Mar a bha Kylie ag ràdh, chruthaich ise a sgriobt againn agus cuideachd bha Crisdean agus Karen, dithis eile a bha g’obair comla ruin, a’ gearradh a’ phrògram-aithriseach sios. ‘S e mise a bha a’ dèanamh an guth-thairis agus ‘s e fìor dheagh chothrom a bha sin. Nuair a bha an sgriobt agus an guth-thairis air a’ dhèanamh bha feum againn a’ faighinn dealbhan a bha ceart airson a’ dhol comhla ri na bha sinn ag ràdh.

Nuair a chaidh sinn sios gu Dùn Èideann, choinnich sinn ri triùir bhalaich a rinn prògram-aithriseach cuideachd, agus bha an dà documentary againn air an sealltainn ann an Galary a Fruitmarket ann am prìomh bhaile na dùthcha. Air latha an taisbeanaidh anns a’ Fruitmarket, dh’obraich sinn còmhla ris an sgioba à Dùn Èideann air pìos naidheachd mu dheidhinn an taisbeanaidh.

Chòrd e rium gu mòr a’ dèanamh an guth-thairis oir bha mi a’cleachdadh a’ Ghàidhlig agam ann an doigh diofraichte. Cuideachd fhuair sinn cothrom air leth math a bhith a gearradh nan dealbhan sios agus a ‘bhith a taghadh a’ chiùil airson a’ phrògram-aithriseach.

Air an 9mh la dhen a Ghiblean bha an taisbeanadh a gabhail àite anns a’ Fruitmarket. Chòrd an taisbeanadh rium gu mòr oir chunnaic sinn na dealbhan beaga is cuideachd na dealbhan mòra a rinn a’ chlann à Slèite san Eilean Sgitheanach agus a’ chlann à Crois na Cise ann an Dùn Èideann.

‘S e fìor dheagh cothrom a bha seo dhòmhsa oir bha mi a’cleachdadh a’ Ghàidhlig agam a-mach as an sgoil, agus cuideachd bha e math airson bha mi a’ dèanamh an guth-thairis. Bha sin diofraichte cuideachd oir ‘s e direach piosan beaga a bha mi a ràdh. Chòrd seo ruim gu mòr agus ma bhios cothrom sam bith agaibh documentary a’ dhèanamh, fiach gun gabh sibh pàirt ann oir ‘s e deagh chothrom is tòrr spòrs a bhios ann.

Tha sinn uile airson taing a thoirt dha na buidhnean a thug taic-airgid dhan phròiseict againn ann an Alba – sin Bòrd na Gàidhlig, Comhairle na Gàidhealtachd agus Ionnsachadh is Teagasg Alba.

Tha sinn cuideachd airson taing mhòr a thoirt dhuibh-se airson tighinn a dh’ èisteachd ruinn agus taing a’toirt do Sealladh airson an cothrom air leth seo. Agus chan urrainn dhuinn diochuimhneachadh Mòrag Stiùbhart agus Vicky NicIlleathain airson obrachadh còmhla ruinn agus airson ar toirt a- nall an seo.

Tha mi fhìn ‘s Kylie an dòchas gun còrd am prògram againn rìbh. 
 

Tha Croitear Ag Iarraidh Bean

Oraid aig Kylie NicDhòmhaill à Àrd-Sgoil Phort Rìgh:

Hello a h-uile duine is mise Kylie NicDhòmhaill, tha mi ceithir deug bliadhna de dh’aois agus tha mi a fuireach ann an Slèite anns an Eilean Sgithanach. ‘S ann à Àrd Sgoil Phort Rìgh a tha mi.

Se cothrom air leth a bha seo dhòmhsa airson a bhith cleachdadh a Ghàidhlig agam taobh a- muigh an dachaidh agus an sgoil, agus tha sin a còrdadh ruim oir s’gur e Ghàidhlig a’ chiad chànan agam.

Nuair a chaidh innse dhuinn gu robh againn ri program-aithriseach a’ dhèanamh bha feum againn coineachadh còmhla san sgoil neo aig oifis Mòrag Stiùbhart ann am FÀS aig Sabhal Mòr Ostaig airson tòiseachadh air rudan a chuir còmhla.

Bha na coinneamhan aig an sgoil mu dheidhinn cò sinn agus dè na rudan a tha còrdadh rinn agus dìreach a bhith a bruidhinn beagan mur deidhinn fhìn. Ach na coinneamhan a bha againn ann an oifis Mòrag, bha iad sin mu dheidhinn ciamar a dhèanadh sinn prògram aithriseach. Airson ar cuideachadh leis a sin choimhead sinn air feadhainn de na prògraman aithriseach aig Mòrag fhèin. Bha seo uabhasach math oir thug e dhuinn cothrom ‘aicinn agus a thuigsinn mar a bu chòir dhuinn an aithris a chruthachadh.

Nuair a bha beachd againn cò ris a bha feum aig a fear againne a bhith coltach, thòisich mi fhèin agus Mòrag air sgriobt a dhèanamh. Bha seo caran doirbh dhòmh-sa oir bha agam ri innse dè a thachair as aonais a bhith ràdh cus. Mur a biodh, bhiodh sibhse uile nar cadal an dràst’ a coimhead air fiolm mòr, fada!

Mar sin is mise a bha os cionn a bhuidheann! Ag innse do chàch dè a bha aca ri dhèanamh agus mar sin air adhart. Chòrd an obair sin ruim gu mòr!

Nam biodh cothrom eile ann airson prògram aithriseach a dhèanamh s’mi bhiodh air leth deònach pàirt a ghabhail ann leis cho math sa chòrd an fear seo ruim!

Se seo deireadh na h-òraid agamsa, agus tha mi an dòchas gun do chòrd e ribh agus gun tug e dhuibh tuigse air an obair a tha sin air a bhith dèanamh, Tha mi airson taing a-nis a thoirt dhuibhse airson tighinn, agus cuideachd tha mi airson taing a thoirt do Mhòrag Stiùbhart, Vicky NicIlleathain agus Sealladh airson an stiùireadh agus an taic a thug iad dhuinn leis a seo. Tapa leibh!

 

Bruadar Buadhach

Oraid aig Aimee Folan agus Innis Mac an Tailleir à Acadamaidh Rioghail

AIMEE:  Madainn mhath. Is mise Aimee Folan,tha mi dusan bliadhna a dh'aois. ‘S ann à Acadamaidh Rìoghal Inbhir Nis a tha mi. Bha sinn uabhasach fortanach cothrom eile fhaighinn am bliadhna air fiolm a dhèanamh còmhla ris a' chompanaidh "Sealladh" agus a’ phròiseict An Sgàilean Ùr.

Bha tòrr obair an luib seo. Chuir sinn seachad tòrr ùine ga rannsachadh.
Thanig Mòrag agus Gilleasbaig a-steach dhan sgoil airson ar cuideachadh.

Bha sinn cinnteach gun robh sinn airson fiolm a dhèanamh mu dheidhinn naidheachdan gòrach. Tha mi an dòchas nach fhaic sibh a leithid air an Sianail ùr Gàidhlig!

Cho luath sa thagh sinn an cuspair bha sinn deiseil airson sgrìobhadh. Innsidh Innis barachd dhuibh mu na rinn sinn.

INNIS: 
An toiseach, chaidh sinn ann an ceithir buidhnean le pìos pàipear mòr, agus chuir sinn beachdan sìos luath. Bha tòrr bheachdan againn agus dh’fheumadh sinn dreach no dhà a sgrìobhadh. Ach fhathast bha cus stuth againn agus bha feum againn air a ghearradh sìos. Bha a’ bhòtadh doirbh ach mu dheireadh thall, bha fios againn dè na seallaidhean a bha sinn ag iarraidh.

Bha a h-uile duine ag iarraidh a bhith nan actairean, agus gu dearbha, fhuair sinn uile an cothrom sin a dhèanamh. Bha mise a cluich pàirt rèitire òlc. Chan eil math dhomh cus ìnnse dhuibh mu dheidhinn a character agam, ach chì sibh an ceartair dè cho olc ‘sa bha e!

AIMEE: 
Fhuair mise pàirt anns a’ fiolm cuideachd. Chòrd sin rium gu mòr.
Thug sinn fhèin a-staigh na props, an t-aodach agus am maise-gnùis.
Rinn sinn an obair gu lèir – le beagan cuideachadh.

INNIS: 
Bha mise cuideachd a’ cùr ri chèile ceòl airson a’ fiolm. Air an latha, bha dà sgioba ag obair aig an aon àm – aon a gearradh agus aon eile a clàradh fuaim is ceòl. Bha sinn a ruith eadar an dà sgioba a faighinn beachdan air ceòl freagarrach agus an uairsin ga chlàradh.
Tha sinn airson taing a thoirt dhan h-uile duine bho Sealladh, an tidsear Gàidhlig againn agus Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis.


AIMEE

Bha tòrr spòrs againn……

INNIS
….a’ sgrìobhadh an sgriobt….

AIMEE
…a’ dèanamh am fiolm cuideachd Innis!

CÒMHLA
Chòrd an Sgàilean Ùr ruinn gu mòr. Bu toil leinn a dhèanamh a-rithist.
Tapadh lèibh airson èisteachd.
Tha sinn an dòchas gun còrd Càil sNa Naidheachdan rìbh!

Tha Croitear Ag Iarraidh Bean

Oraid aig Mhàiri NicDhòmhnaill agus Laura NicDhòmhnaill à Àrd-Sgoil Phort

Mhàiri:  Madainn mhath is fàilte a h-uile duine. ‘S mise Mhàiri NicDhòmhnaill, agus is seo mo dheagh charaid Laura NicDhòmhnaill. Tha sinne an seo a’ riochdachadh Ard-sgoil Phort Rìgh san Eilean Sgitheanach.

Mar a bhios fios aig cuid agaibh tha sinne air a bhith an sàs ann am pròiseact-fiolm an Sgàilean Ùr bho chionn bliadhna no dhà. An uirigh rinn sinn am fiolm “Cha tig an aois leatha fhein” - horror/spoof - agus air sgàth ‘s gun do chòrd am pròiseact ruinn cho mòr, rinn sinn fear eile am bliadhna leis an ainm “Tha croitear ag iarraidh bean”. Chì sinn am fiolm dìreach an ceartair.

Laura:  Le cuideachaidh bhon sgrìobhaiche & cleasaiche Gàidhlig Gilleasbuig Feargasdan, chuir sinn sgriopt ri chèile. Rinn sinn an sgriobtadh ann am buidheann. Bha aon againn a’ sgrìobhadh agus a h-uile duine eile a tighinn suas le beachdan. An aon rud a bha sinn cìnnteach mu dheidhinn ‘s e gur e comadaidh a bhiodh ann, agus ‘s I ar caraid Annabel a thàinig suas leis a bheachd gur ann mu chroitear ag iarraidh bean a bhiodh a’ fiolm.

Ach cha robh a h-uile càil cho furasta ris a sin. Aig an toiseach bha an sgriopt againn ro fhada, agus bha feum againn air tòrr den chòmhradh a tharraing as. An uairsin, bha dùil againn a’ fiolmadh a dhèanamh ron Nollaig, ach bha sneachda trom ann, bha na rathaidean dùinte, bha an sgoil dùinte agus leis a sin, bha feum againn a’ fiomadh a chur dheth chun a’ Ghearran.

Mhàiri:  Fhuair sinn taic bho Donna Dhòmhnallach is Vicky NicIlleathain le na h-innealan teicneigeach agus leis an stiùiridh. Air an latha bha mi fhìn a stiùireadh, bha Laura air a chamara, ‘s ar caraidean, Stephanie na riochdaire agus Annabel a’ clàradh fuaim. Dh’fheumadh sinn fiolmadh a dhèanamh a-muigh agus a-staigh – agus cha robh againn ach là-sgoile airson sin a dhèanamh. Bha sinn fortanach gun robh osdail na sgoile air leth feumail airson a h-uile rud a bha sinn ag iarraidh. ‘B e latha fada bh’ ann, ‘s bha feum againn an còmhnaidh a bhith cumail sùil air a’ ghrian agus a’ dèanamh cìnnteach gun robh sinn deiseal mus deach I fodha.

Laura:  Gheàrr mi fhìn agus Mhàiri an stuth le cuideachadh bho Mel. Bha sinn a taghadh shots agus gan cur ri chèile. Aig an aon àm bha sgioba eile a’ clàradh fuaim is ceòl airson a’ fiolm. A-rithist cha robh againn ach latha airson seo a dhèanamh – agus thug sinn suas disathairne air a shon, ach gu toilichte.

Tron Sgàilean Ùr tha sinn ag ionnsachadh sgilean ùr agus a faicinn an obair mhòr a tha dol a steach ann am beagan mhionaidean de fiolm Cuideachd, tha a’ phròiseict gar cuideachadh le sgilean cànain. Tha cothrom againn Gàidhlig a chleachdadh ann an suidheachadh diofraichte agus càinnt teicnigeach Gàidhlig ionnsachadh. An ath bhliadhna tha sinn an dòchas program-aithiriseach a dhèanamh.

Mus falbh mi tha sinn airson taing a thoirt dhan h-uile duine a chuidich sinn ach gu h-àraidh na cleasaichean - Gilleasbuig agus cleasaiche òg eile. Tuigidh sibh mus bidh a fiolm deiseal carson a tha esan airidh air taing shònraichte.

Tha sinn an dochas gun gun còrd a’ fiolm ribh.