Leabhar-là  Gearradh Àrd-sgoil Phort Rìgh                                                                                             

Crìsdean

Nuair a ràinig sinn FÀS còmhla ri Mòrag Stiùbhart airson an documentary againn a chur còmhla, thachair sinn ri Mel.  Bidh Mel ag obair còmhla ri Mòrag agus bidh I a’ gearradh fiolmaichean is prògraman.  ‘S e Mel a bha gar cuideachadh leis an documentary a ghearradh.  Thagh sinn dealbhan agus chùir sinn còmhla iad.  An uairsin bha feum againn air ceòl a thaghadh.  ‘S e deagh spòrsa bha ann.

 

Kylie

Nuair a chaidh sinn gu FÀS còmhla ri Mòrag, chunnaic sinn Mel agus bha ise gar cuideachadh le bhith a gearradh sìos na dealbhan is an còmhradh airson fiolm beag a dhèanamh.  Air deireadh na latha bha fiolm beag againn.  Bha Rebecca a dèanamh an guth-thairis no ‘voice-over’, bha Crìsdean a’ gearradh còmhla ri Mel agus bha mi fhèin is Mòrag ag oabir air an sgriobt.

Cha b’urrainn do Kharen a bhith còmhla ruin air an latha oir bha I a’ gabhail pàirt ann am fèis-dannsa.

 

Rebecca

Nuair a bha sinn anns an oifis aig sealladh còmhla ri Mel agus Mòrag, chuir sinn an documentary ri chèil.  Bha sinn a’ taghadh dealbhan, gan cur còmhla agus a’ cur ceòl is faclan riutha.  Rinn Kylie is Mòrag an sgriobt, rinn Crìsdean an gearradh agus rinn mi fhèin an guth-thairis.

 

Air ais gu Iomlaid Eile