top of page

AN OIDHCHE RON NOLLAIG

 

Bidh Tony Kearney agus Julie Fowlis a-measg nan rionnagan Nollaig a tha ‘gabhail pàirt anns a’ phrògram ghoirid, “An Oidhche ron Nollaig” a bhios a’ cur an cèill aoibhneas an ama seo tro aithris shònraichte, dealbhan mìneachail agus ceòl snasail. Bheir na rannan dhuinn dealbh den ràithe, den deasachadh san dachaigh agus an dùil ri cèilidh anmoch bho Bhodach na Nollaig.

 

Bidh an aithris a’ riochdachadh diofar ghinealaichean san teaghlach – eadar an t-seanair na shuidhe mun chagailt agus an nighean bheag a’ dèanamh a slighe suas an staidhre dhan leabaidh. A-bharrachd air a’ chleasaiche Tony, thèid na rannan a lìbhrigeadh leis a bhàrd Aonghas MacNeacail, an seinneadair Linda NicLeòid agus Eilidh Lamb nighean òg à Dùn Èideann.

 

Bidh ceòl ùr, àlainn bho Julie Fowlis agus Eamon Doorley a’ cur ri fiughair na Nollaig agus togaidh na dealbhan mionaideach, dathte aig Sandra Steele air grinneas na sgeòil.

 

Chaidh “An Oidhche Ron Nollaig” a sgrìobhadh agus a riochdachadh le Mòrag Stiùbhart airson Sealladh TV, agus chaidh a chraoladh air an oidhche ron Nollaig 2014 aig 1700, 1850 agus 2350 air BBC ALBA.

bottom of page