top of page

GUN SGOT?

Le na dorsan aig Gun Sgot a’ fosgladh airson sreath ùr, bidh an craic is an ceòl as fheàrr ann am pailteas mar as àbhaist. Gach seachdain bidh Derek MacAoidh, Calum Dòmhnallach agus Coinneach Mac a Ghobhainn a’ cur fàilte air aoighean sònraichte, sàr luchd-ciùil agus air sgiobaidhean èasgaidh a bhios a’ tadhail airson a’ chraic agus an fharpais. Bidh Derek a’ faighinn taic san t-sreath seo bho Choinnich ‘s bho Chalum agus bho Mhairead Hamilton a bhios a’ deasachadh deoch inntinneach gach seachdain. Am-measg aoighean an t-sreath, bidh na cleasaichean telebhisein is àrd-ùrlair Rik Makarem, Graeme Rooney agus Gavin Mitchell. Ann an oisein a chiùil, bidh measgachadh farsaing de chòmhlain ‘s de sheinneadairean, leithid Dirty Beggars, Tommy Reilly, Marcus Bonfanti agus Ashton Lane. Bidh trì sgiobaidhean à Glaschu, Uidhist agus Leòdhas a’ strì tro ghrunnd chuairtean de cheistean ‘s de dhùbhlain a chuireas an eòlas gu deuchainn air iomadh cuspair, deoch làidir nam measg.

Directed by Mìcheal Hines and produced by Mòrag Stiùbhart.

bottom of page