

Gun Sgot? 2


A' toiseachahd air BBC ALBA 11.04.14 aig 2100.

Peigi Wood - Na Bannan
I'
Peigi Wood – Na Bannan air BBC Alba
31 An Dùbhlachd 2015 aig 22.00 &
4 Am Faoilleach 2016: 22.30
Chaidh a stiùireadh le Tony Kearney bho Solus agus a riochdachadh às leth Sealladh le Mòrag Stiùbhart.
Bheir prògram aithriseach ùr, Peigi Wood – Na Bannan, iomradh air beatha agus bannan coimhearsnachd is teaghlaich bana-chleasaiche Sgitheanach a tha na rionnag telebhisean aig aois 86 bliadhna. Tha i air moladh fhaighinn bho gach ginealach de luchd-amhairc an t-sreath dràma “Bannan” airson an dreach a tha I air a chur air a character thuigseach, ghlic a bhios a’ cumail smachd air saoghal Chamuis.
Bheir am prògram iomradh cuideachd air na daoine agus na làraich, na ceanglaichean ‘s na cuimhneachain a tha cho cudromach do Pheigi agus a tha air a cruth is cumadh a chur air beatha làn dealas is spionnadh. Nam measg sin, tha Fioscabhaig far an do stèidhich a pàrantan an dachaigh, mar a rinn iomadh càraid eile a thàinig às na Hearadh agus Leòdhas anns an 1920an gus coimhearsnachd croitearachd as ùr a chruthachadh ann an sgìre Phortnalong. Cuideachd Aineoirt, far an do rinn Peigi agus a cèile Frank, nach maireann, an dachaigh agus far an do thog iad ceathrar chloinne. A-bharrachd air a sin, bidh Peigi a’ tilleadh gu Taigh-òsta Shligeachain far an d’fhuair I a’ chiad chosnadh aice aig seachd bliadhn’ deug, agus bidh I a’ cuimhneachadh air an obair chruaidh ach cuideachd air an spòrs agus a’ chàirdeas a tha ‘comharrachadh na làithean sin.

le Bun-sgoil Stafainn

le Bun-sgoil Àth-Tharracail
Anns an t-Òg-mhìos ruith Sealladh còmhla ri Bòrd na Gàidhlig farpais ùr a chuir blas ùr air àm-stòiridh, Seanchas, airson òigridh aois 9 – 11. ’S e farpais sgrìobhaidh agus film a bh’ ann an Seanchas a thug cothrom do dhithis na stòiridhean aca a thoirt beò ann am film goirid còmhla ri na caraidean-clas no caraidean-buidhne aca. Airson an fharpais a bhuannachadh, bha aig na sgoilearan ri stòiridh Gàidhlig a bha na bu ghiorra na 500 facal a sgrìobhadh. Dh’ fhaodadh na stòiridhean a bhith stèidhichte air tachartas, beul-aithris no a bhith gu tur ùr.
Thàinig 33 stòiridhean thugainn bho 6 sgoiltean eadar-dhealaichte. Bha trì breitheamhan againn; Mairead Màiri Mhoireach (Ceann Seirbheis, BBC ALBA) , Sarah Jane Chaimbeul (Riochdaire, Young Films) agus Jamie Kieran (Stiùiriche, Dè a-nis?) a taghadh geàrr-liosta de na còig filmichean a b’ fheàrr leotha, agus bho sin, thagh Kayleigh is Mòrag bho Sealladh an dithis a bhuannaich.
Bhuannaich Erin à Bun-sgoil Stafainn leis an stòiridh aice, ‘An t-ionmhas’, agus ’s i Maighsi, leis ‘An Ciste Òir’ am buannaiche eile bho Bhun-sgoil Àth-Tharracail. Chaidh Sealladh còmhla ri proifeasantaich anns na meadhanan; Debbie NicAoidh, Artair Donald agus Crìsdean Dòmhnall ach a dhèanamh bùithdean-obrach leis an dà sgoil ann an rannsachadh, a’ cruthachadh sgriopt, cleasachd, filmeadh agus deasachadh. A’ bharrachd air sin, bha bùithdean-obrach camara, stiùireadh agus deasachadh ann airson a h-uile sgil riochdachaidh-dràma ionnsachadh, bho ro-riochdachaidh gu fo-riochdachaidh.
’S e measgachadh de dh’ aithris ri camara, dràma agus dealbhan a rinn na sgoilearan fhèin, a th’ anns an dà fhilm; ‘An t-ionmhas’ agus ‘An Ciste Òir’.
Seanchas
