Gun Sgot? 2

A' toiseachahd air BBC ALBA 11.04.14 aig 2100.

Peigi Wood - Na Bannan

I' 

 

 

 

Peigi Wood – Na Bannan air BBC Alba 

31 An Dùbhlachd 2015 aig 22.00 &

4 Am Faoilleach 2016: 22.30

 

 

Chaidh a stiùireadh le Tony Kearney bho Solus agus a riochdachadh às leth Sealladh le Mòrag Stiùbhart.

 

 

Bheir prògram aithriseach ùr, Peigi Wood – Na Bannan, iomradh air beatha agus bannan coimhearsnachd is teaghlaich bana-chleasaiche Sgitheanach a tha na rionnag telebhisean aig aois 86 bliadhna.  Tha i air moladh fhaighinn bho gach ginealach de luchd-amhairc an t-sreath dràma “Bannan” airson an dreach  a tha I air a chur air a character thuigseach, ghlic a bhios a’ cumail smachd air saoghal Chamuis.

 

Bheir am prògram iomradh cuideachd air na daoine agus na làraich, na ceanglaichean ‘s na cuimhneachain a tha cho cudromach do Pheigi agus a tha air a cruth is cumadh a chur air beatha làn dealas is spionnadh.  Nam measg sin, tha Fioscabhaig far an do stèidhich a pàrantan an dachaigh, mar a rinn iomadh càraid eile a thàinig às na Hearadh agus Leòdhas anns an 1920an gus coimhearsnachd croitearachd as ùr a chruthachadh ann an sgìre Phortnalong.  Cuideachd Aineoirt, far an do rinn Peigi agus a cèile Frank, nach maireann, an dachaigh agus far an do thog iad ceathrar chloinne.  A-bharrachd air a sin, bidh Peigi a’ tilleadh gu Taigh-òsta Shligeachain far an d’fhuair I a’ chiad chosnadh aice aig seachd bliadhn’ deug, agus bidh I a’ cuimhneachadh air an obair chruaidh ach cuideachd air an spòrs agus a’ chàirdeas a tha ‘comharrachadh na làithean sin.

Anns an t-Òg-mhìos ruith Sealladh còmhla ri Bòrd na Gàidhlig farpais ùr a chuir blas ùr air àm-stòiridh,  Seanchas, airson òigridh aois 9 – 11.  ’S e farpais sgrìobhaidh agus film a bh’ ann an Seanchas a thug cothrom do dhithis na stòiridhean aca a thoirt beò ann am film goirid còmhla ri na caraidean-clas no caraidean-buidhne aca.  Airson an fharpais a bhuannachadh, bha aig na sgoilearan ri stòiridh Gàidhlig a bha na bu ghiorra na 500 facal a sgrìobhadh.  Dh’ fhaodadh na stòiridhean a bhith stèidhichte air tachartas, beul-aithris no a bhith gu tur ùr.

 

Thàinig 33 stòiridhean thugainn bho 6 sgoiltean eadar-dhealaichte.  Bha trì breitheamhan againn; Mairead Màiri Mhoireach (Ceann Seirbheis, BBC ALBA) , Sarah Jane Chaimbeul  (Riochdaire, Young Films) agus Jamie Kieran (Stiùiriche, Dè a-nis?) a taghadh geàrr-liosta de na còig filmichean a b’ fheàrr leotha, agus bho sin, thagh Kayleigh is Mòrag bho Sealladh an dithis a bhuannaich. 

 

Bhuannaich Erin à Bun-sgoil Stafainn leis an stòiridh aice, ‘An t-ionmhas’, agus ’s i Maighsi, leis ‘An Ciste Òir’ am buannaiche eile bho Bhun-sgoil Àth-Tharracail.  Chaidh Sealladh còmhla ri proifeasantaich anns na meadhanan; Debbie NicAoidh, Artair Donald agus Crìsdean Dòmhnall ach a dhèanamh bùithdean-obrach leis an dà sgoil ann an rannsachadh, a’ cruthachadh sgriopt, cleasachd, filmeadh agus deasachadh.  A’ bharrachd air sin, bha bùithdean-obrach camara, stiùireadh agus deasachadh ann airson a h-uile sgil riochdachaidh-dràma ionnsachadh, bho ro-riochdachaidh gu fo-riochdachaidh.  

 

’S e measgachadh de dh’ aithris ri camara, dràma agus dealbhan a rinn na sgoilearan fhèin, a th’ anns an dà fhilm; ‘An t-ionmhas’ agus ‘An Ciste Òir’.

 

Seanchas

© 2013 by Sealladh Ltd

  • w-facebook
  • w-googleplus
An Ciste Òir

le Bun-sgoil Àth-Tharracail