top of page

Oidhche Naomh

'S ann à Eaglais Naomh Moire is Fhionghain ann an Gleann Fhionghain, Loch Abar a thàinig Seirbheis BBC Alba air an Oidhche ron Nollaig 2012. A-measg na ghabh pàirt, bha an seinneadair Mairead Ford, òigridh Sgoil Chiùil Loch Abar, Fèis Loch Abar agus Còisir Àrd-sgoil Mhalaig. Thàinig Seinneadairean Chill Mhàillidh agus buill bho dhiofar eaglaisean san sgìre còmhla le coithional na h-eaglaise fhèin ann a bhith seinn Laoidhean Nollaig.
Riochdaire: Mòrag Stiùbhart, Sealladh

bottom of page