top of page

Peigi Wood - Na Bannan

 

31 An Dùbhlachd 2015 aig 22.00 & 4 Am Faoilleach 2016 aig 22.30 air BBC ALBA.

 

Bheir prògram aithriseach ùr, Peigi Wood – Na Bannan, iomradh air beatha agus bannan coimhearsnachd is teaghlaich bana-chleasaiche Sgitheanach a tha na rionnag telebhisean aig aois 86 bliadhna.  Tha i air moladh fhaighinn bho gach ginealach de luchd-amhairc an t-sreath dràma “Bannan” airson an dreach  a tha i air a chur air a character thuigseach, ghlic a bhios a’ cumail smachd air saoghal Chamuis.

 

‘S beag for a bha aig Peigi Wood air a leithid ‘s i na h-ighinn òig ann an taigh beag fiodha ann am Fioscabhaig san Eilean Sgitheanach, neo nuair a bha i dusan bliadhna a dh’aois agus i a faicinn Phort Rìgh, prìomh bhaile an Eilein airson a chiad uair, neo fiù’s ‘na deugaire agus i a’ cosnadh not is còig tasdain san t-seachdain sa chiad obair aice ann an taigh-òsta.

 

Bheir Peigi Wood – Na Bannan iomradh air na daoine agus na làraich, na ceanglaichean ‘s na cuimhneachain a tha cho cudromach do Pheigi agus a tha air a cruth is cumadh a chur air beatha làn dealas is spionnadh.  Nam measg sin, tha Fioscabhaig far an do stèidhich a pàrantan an dachaigh, mar a rinn iomadh càraid eile a thàinig às na Hearadh agus Leòdhas anns an 1920an gus coimhearsnachd croitearachd as ùr a chruthachadh ann an sgìre Phortnalong.  Cuideachd Aineoirt, far an do rinn Peigi agus a cèile Frank, nach maireann, an dachaigh agus far an do thog iad ceathrar chloinne.  A-bharrachd air a sin, bidh Peigi a’ tilleadh gu Taigh-òsta Shligeachain far an d’fhuair i a’ chiad chosnadh aice aig seachd bliadhn’ deug, agus bidh i a’ cuimhneachadh air an obair chruaidh ach cuideachd air an spòrs agus a’ chàirdeas a tha ‘comharrachadh na làithean sin.

 

Bha Frank agus Peigi an-sàs gu mòr ann an gnìomhan coimhearsnachd, a’ gabhail pàirt agus a’ tabhann taic.  Bha iad gu tric aig dannsaichean agus bha iad nam buill de Chluicheadairean Phortnalong, buidheann dràma soirbheachail a ghabh pàirt ann an iomadh Mòid agus Fèis.  Bhon stèids ghluais an dithis aca gu obair telebhisean, a’ gabhail pàirtean beaga ann an dràma agus comadaidh, ach nuair a fhuair Peigi an cothrom dreach a chur air an t-seanmhair eirmseach, gheur ann am “Bannan”, bha ceangal sònraichte air a chruthachadh eadar i fhèin agus luchd-amhairc an dràma.  

 

Anns a’ phrògram aithriseach seo innsidh i mun t-saoghal annasach seo a tha air a chomharrachadh le làithean-obrach fada ach cuideachd le tlachd ann a bhith a’ cabadaich agus a’ comhairleachadh a-measg chleasaichean is chriubha – iad uile le spèis thar tomhas do Pheigi Wood.

 

Cuiridh tasglann phrògraman ri cuimhneachain Pheigi – bho “Às an Eilean” gu “PC Alasdair Stiùbhart” agus “Bannan”, agus bheir Nan, an nighean as sine aice agus deagh charaid dhan teaghlach, Dànaidh MacLeòid, an cunntas fhèin air tè a tha làn spionnadh is spiorad, coibhneas is càirdeas agus a tha luma-làn spòrs.

 

 

 

Chaidh “Peigi Wood – Na Bannan” a’ stiùireadh le Tony Kearney bho Solus agus a riochdachadh às leth Sealladh le Mòrag Stiùbhart.

 

bottom of page