top of page

Làn fhìrinn na sgeòil. Tha Aonghas air a bhith air tòir na fìrinn o òige, miann a tha a' teannachadh na inntinn 's na chorp nuair a thuigeas e gu bheil am bàs gus laighe air a sheanair. Tha fios aig Aonghas gu bheil an t-àm dha eòlas a chur air an fhìrinn mu bhàs a phàrantan 's cuideachd mu sgeulachdan a sheanair. Sgeulachdan iongantach, eagalach a thug air cuairt tro eachdraidh nan Gàidheal iad le gaol, sabaid, eich-uisge agus òr Spàinnteach nam measg. Tha Aonghas 's a sheanair a' gabhail aon chuairt eile còmhla, cuairt a tha gan toirt gu mullach Sgùrr Dearg 's gu fìrinn ris nach robh dùil sam bith.



Air a riochdachadh le Chris Young

bottom of page