top of page

Seanchas

Anns an t-Òg-mhìos ruith Sealladh còmhla ri Bòrd na Gàidhlig farpais ùr a chuir blas ùr air àm-stòiridh,  Seanchas, airson òigridh aois 9 – 11.  ’S e farpais sgrìobhaidh agus film a bh’ ann an Seanchas a thug cothrom do dhithis na stòiridhean aca a thoirt beò ann am film goirid còmhla ri na caraidean-clas no caraidean-buidhne aca.  Airson an fharpais a bhuannachadh, bha aig na sgoilearan ri stòiridh Gàidhlig a bha na bu ghiorra na 500 facal a sgrìobhadh.  Dh’ fhaodadh na stòiridhean a bhith stèidhichte air tachartas, beul-aithris no a bhith gu tur ùr.

 

Thàinig 33 stòiridhean thugainn bho 6 sgoiltean eadar-dhealaichte.  Bha trì breitheamhan againn; Mairead Màiri Mhoireach (Ceann Seirbheis, BBC ALBA) , Sarah Jane Chaimbeul  (Riochdaire, Young Films) agus Jamie Kieran (Stiùiriche, Dè a-nis?) a taghadh geàrr-liosta de na còig filmichean a b’ fheàrr leotha, agus bho sin, thagh Kayleigh is Mòrag bho Sealladh an dithis a bhuannaich. 

 

Bhuannaich Erin à Bun-sgoil Stafainn leis an stòiridh aice, ‘An t-ionmhas’, agus ’s i Maighsi, leis ‘An Ciste Òir’ am buannaiche eile bho Bhun-sgoil Àth-Tharracail.  Chaidh Sealladh còmhla ri proifeasantaich anns na meadhanan; Debbie NicAoidh, Artair Donald agus Crìsdean Dòmhnall ach a dhèanamh bùithdean-obrach leis an dà sgoil ann an rannsachadh, a’ cruthachadh sgriopt, cleasachd, filmeadh agus deasachadh.  A’ bharrachd air sin, bha bùithdean-obrach camara, stiùireadh agus deasachadh ann airson a h-uile sgil riochdachaidh-dràma ionnsachadh, bho ro-riochdachaidh gu fo-riochdachaidh.  

 

’S e measgachadh de dh’ aithris ri camara, dràma agus dealbhan a rinn na sgoilearan fhèin, a th’ anns an dà fhilm; ‘An t-ionmhas’ agus ‘An Ciste Òir’.

 

bottom of page