
SGIOBA



Mòrag Stiùbhart
Chris Young
Kayleigh NicIllinein
Tha Mòrag Stiùbhart air 35 bliadhna a chur seachad ann an saoghal craobh-sgaoilidh na Gàidhlig, a’ coileanadh caochladh obraichean eadar rannsachadh, sgrìobhadh, riochdachadh ‘s lìbhrigeadh. Bha i an sàs ann an iomadh sreath chloinne, nam measg Dòtaman, Mire Mara agus Na Bonnachain, agus prògraman aithriseach mar Na Laoich, Maighstir Cailean agus Na Caimbeulaich. Tha i air Gleusta agus Gun Sgot a riochdachadh às leth Sealladh airson BBC Alba. Mar neach-trèanaidh, tha Mòrag a’ teagasg aig Sabhal Mòr Ostaig, air Cùrsa-Ceum (le Urram) Gàidhlig agus na Meadhanan.
Tha Chris Young am measg nan riochdairean as eòlaiche ann an Alba. Leis a' chompanaidh riochdachaidh aige, Young Films, tha e air 7 filmichean a leasachadh 's a riochdachadh (Venus Peter, Prague, Gregory's Two Girls, The Final Curtain, Festival, Seachd agus The Inbetweeners Movie) a tha air duaisean a chosnadh 's a tha air a bhith air an sealltainn air feadh an t-saoghail. Tha Chris air dràma-shingilte a riochdachadh dha UK TV. Riochdaich Chris comadaidh fìor shoirbheachail, The Inbetweeners dha E4/Channel 4, agus ann an 2011, riochdaich e The Inbetweeners Movie, am film comadaidh Bhreatannach as soirbheachail ann an eachdraidh taigh-dheilbh.
’S i Kayleigh NicIllinein ar rannsaiche aig Sealladh TV. Cheumnaich i ann an 2008 le BA Gàidhlig is na Meadhanan agus le Diploma anns na Meadhanan Gàidhlig ann an 2009. Bhon uairsin, tha i air a bhith ag obair air raon de phrògraman eadar-dhealaichte ann am measgachadh de chompanaidhean TBh. Tha i sàr-sgileil ann a bhith a’ rannsachadh, a’ co-òrdanachadh, a’ cleachdadh camara agus a’ ruith bùthan-obrach do sgoilearan.
