
Uaigneas
Tha Uaigneas a’ sgrùdadh an t-àite a tha aig boireannaich aig àm deuchainn no trioblaid teaghlaich, agus a’ toirt tuigse dhrùidhteach air an dòigh anns a bheil iad a làimhseachadh an t-suidheachaidh.
Ann an cunntas fhosgailte, phearsanta tha Nannie Kearney à Barraigh agus Gina NicDhòmhnaill à Uibhist ag innse mar a dhèilig iad le companach a fulang le Alzheimer’s, tha Mòrag NicAoidh à Slèite a’ mìneachadh eagail an teaghlach ri linn tinneas a dh’fhaodadh aon den chloinn a thoirt bhuapa, agus tha Anna Mhàrtainn ag innse mar a fhuair I thairis air bàs a ghille bhig aice goirid as dèidh dha bhith air a bhreith.
Riochdaire: Mòrag Stiùbhart, Sealladh

Anns a' chiad phrògam tha Nanny Kearney à Barraigh ag ìnnse mar a chùm i taic ri 'teaghlach fhèin ri lìnn Alzheimers agus aillse.
IAnns an dàrna phrògram, tha Mòrag NicAoidh a' bruidhinn mar a dhèilig i leis ri lìnn tinneas a dh'fhaodadh am mac òg a thoirt bhuapa.



Anns an treas prògram tha Gina Dhòmhnullach à Ùibhist a Tuath ag ìnnse mar a chuir i h-aghaidh ri suideachadh anns an robh Alzheimers air a cèile 's gun e ach beagan is dà fhicead bliadhna a dh'aois aois cho òg.
Anns a' phrògram mu dheireadh tha Anna Mhàrtainn, ag ìnnse mar a fhuair i thairis air bàs a ghille bhig aice goirid as dèidh dha bhith air ùr-bhreith.

